An Clas Gàidhlig Lunnainn

January 11, 2019
by Colin West

Tha City Lit ceud bliadhna a dh’aois am-bliadhna. Ach tha an clas Gàidhlig Lunnainn nas sine buileach. Mìnichidh Marc MacUilleam...

 

An Clas Gàidhlig Lunnainn

 

Ro-ràdh

 

Thòisich an clas Gàidhlig Lunnain anns na 1880s agus, a-mach air an àm a’ Chogaidh Mhòir, tha e air a bhith a leantainn gun stad.

 

Chaidh an clas a thòiseachadh leis a’ Choisir Lunnainn a chionns gun robh seinneadairean ann nach robh nam fileantaich, mar sin bha dhith orra a bhith a’ tuigsinn na a bha iad a’ seinn.

 

Ro naoi ceud deug ’s a naoi deug, ghabh na clasaichean àite anns an Eaglais na h-Alba ann an Covent Garden.

 

Chaidh City Lit, ionad airson foghlam inbhidh, fhosgladh ann an naoi ceud deug ’s a naoi deug agus tha an clas Gàidhlig air a bhith a chumail ann bhon àm sin.

 

Chum na clasaichean orra tron Dara Chogadh Mhòr, uaireannan anns a’ rathad-iarainn fon talamh nuair a bha ruathar-adhair air!

 

Tha Mòrag Traynor air a bhith na tidsear o cheann naoi ceud deug ceithir fichead ’s a h-ochd deug.

 

Earrannan bho leabhrannan eachdraidheil

Seo earrannan bho leabhrannan eachdraidheil, bho naoi ceud deug dà fhichead ’s a còig deug agus naoi ceud deug tri fichead deug.

 

 

Structar

 

Tha còig clasaichean ri fhaighinn:

  • Discover Gaelic
  • ìre a h-aon
  • ìre a dhà
  • clas leughaidh
  • Gaelic matters

 

Discover Gaelic

 

Bidh Discover Gaelic freagarrach do dhaoine a tha ùidh air Alba agus / no air a’ Ghàidhlig, ach aig nach eil Gàidhlig sam bith fhathast. Bho àm gu àm, clàraichidh daoine a tha a’ lorg “rud eadar-dhealaichte” ri dhèanamh, mar cànan eile ionnsachadh. ’S e cùrsa aon latha a th’ ann agus gabhaidh e àite as t-samhradh, aon turas gach bliadhna. Thathar ag ionnsachadh abairtean simplidh agus feumail, na h-àireamhan a h-aon gu a deich, an tuiseal gairmeach, agus mar sin air adhart. Ma a bhios an cùrsa a’ cordadh ris na h-oileanaich, thèid iad a bhrosnachadh ìre a h-aon a dhèanamh.

 

 

Ire a h-aon

 

Bidh ìre a h-aon freagarrach do fìor luchd-tòiseachaidh sa’ Ghàidhlig. Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar bunaiteach, gheibhear cothroman sgilean labhairt a chleachdadh, is gheibhear cothrom dòighean cànain ùra is briathrachas ùr ionnsachadh. Tha an clas a’ leantain “Teach Yourself Gaelic” (Boyd Robasdan / Iain Mac an Tàillear), cabideal a h-aon gu a h-aon deug. Aig toiseach gach clas bruidhnidh na h-oileanaich ri chèile ma ’s urrainn dhaibh. Rè a’ chursa, thèid òrain a sheinn agus bàrdachd shimplidh, sgeulachdan goirid a leughadh agus eadar-theangachadh. Gabhaidh an clas ìre a h-aon àite aig sia uairean feasgar Oidhche Chaidain. Nuair a bhios an cùrsa seachad, bidh e comasach do na h-oileanaich còmhradh simplidh a chumail, agus bidh iad deiseil airson ìre a-dhà.

 

Ire a dhà

 

Bidh ìre a dhà freagarrach do luchd-ionnsachaidh a tha air ìre a h-aon a dhèanamh no aig a tha beagan Ghàidhlig mar tha. Aig toiseach gach clas, bruidhnidh na h-oileanaich ri chèile airson mu còig mionaidean air cuspair a thaghas an tidsear agus an dèidh sin bidh aca ri innis dhan tidsear dè thuirt iad. Rè a’ chursa, thèid bàrdachd agus sgeulachdan goirid nas doirre a leughadh agus eadar-theangachadh. Gabhaidh an clas ìre a dhà àite aig leth uair an dèidh siachd uairean feasgar Oidhche Chaidain.

 

Clas leughaidh

Bidh an clas leughaidh freagarrach do luchd-ionnsachaidh fileanta agus as urrainn a’ Ghàidhlig a leughadh aig ìre àrd. Gabhaidh an clas leughaidh àite bho àm gu àm aig aon uair deug madainn Didòhmnaich, airson ceithir uairean a thìde. Thathar leabhar diofaraichte a leughadh gach turas. ’S e “Air Cuan Dubh Drilseach” le Tim Armstrong an leabhar mu dheireadh a chaidh a leughadh. Chaidh còmhradh Skype a chumail eadar an clas leughaidh agus Tim fhèin. Chuir na h-oileanaich ceistean air Tim mun leabhar seo agus mun leabhar ùr aige a thèid a leughabh a dh’aithghearr.

 

Seo dealbh bhon “Skype session” eadar Tim agus an clas leughaidh a ghabh àite ann an 2014. B’ e session gu math inntinneach agus sporsail a bh’ ann, agus bha Tim glè chàirdeil agus freagairteach. Bhruidhinn e airson gu bhith uair a’ thìde còmhla ris a’ chlas.

 

 

Gaelic matters

 

’S e ciall dùbailte a th’ ann:

Gaelic matters = “rudan Gàidhlig”

Gaelic matters = “tha a’ Ghàidhlig cudromach”

 

’S e cùrsa aon latha a th’ ann agus gabhaidh e àite as t-samhradh, aon turas gach bliadhna.

 

Gach bhliadhna, taghaidh an tidsear an cuspair, mar eisimplir:

  • òrain tàlaidh
  • na cinnidhean
  • òrain luaidh
  • bardachd
  • òrain poileataiceach

 

Am bliadhna ’s e an aibidil Gàidhlig a bhios an cuspair, na riaghailtean litreachaidh, na h-ainmean-chraobhan traidiseanta.

 

Mòrag Traynor

 

Is Mòrag ar tidsear aig an àm seo. Rugadh i ann an Glaschu agus rugadh a màthair, fileantach, ann an Uibhist a Deas. Chaidh i dhan t-Sabhal Mhòr a’ chiad thuras anns na 1980s. Thòisich i an clas Gàidhlig Lunnainn a teagasg ann an naoi ceud deug ceithir fichead ’s a h-ochd deug. ’S e soisgeulaiche a’ Ghàidhlig agus tidsear sgoinneil, urramach a th’ innte. Tha fios domhainn aice air ceòl Gàidhlig traidiseanta, gu h-àraidh port a beul agus òrain luaidh.

 

 

Ceangal le Sabhal Mòr Ostaig

 

Tha ceangal làidir eadar an clas Gàidhlig Lunnainn agus Sabhal Mòr Ostaig. Gach bliadhna bidh oileanach no dhà co-dhiù a’ dèanamh cùrsa goirid.

Seo mise agus oileanaich eile às a’ chlas Gàidhlig Lunnainn anns an t-seòmar-bidh aig Sabhal Mòr.

Air ar lèintean-T tha e sgrìobhte: “Gaels of the world lenite”.

 

 

Co-dhùnadh

 

Tha comann Gàidhlig làidir ann an Lunnainn, agus tha an clas Gàidhlig aig a chridhe. Gach bliadhna fàsaidh am meud nan oileanach nas motha. Tha an àm ri teachd slàn dhan Ghàidhlig ann an Lunnainn!

 

Marc MacUilleam