Comann nan Dannsaichean-Cèilidh Lunnainn (London Ceilidh Club)

February 2, 2019
by Colin West

Tha Domhnall Wilson air na brògan-dannsaidh aige an cur ort, agus e ag innse dhuinn mu chultar nan dannsaichean-cèilidh ann an Lunnainn…

Is toil leam a bhith a’ dannsadh. Mar sin, bidh mi a’ dol gu Cecil Sharp House ann an Camden.

 

Bidh cèilidh ann cha mhòr gach Dihaoine aig Cecil Sharp House ann an Camden. Chan e ceilidh tradiseanta a th’ann, le daoine a’ cruinneachadh ann an taigh, ach ‘s e oidhche air leth a th’ann co-dhiù, a thaobh dannsaidh agus òil. Tha cafaidh beag aig Cecil Sharp House le biadh is deochan-laga ri fhaighinn agus bàr ‘son leann, fionn agus deoch-laidir.

 

Ged nach eil Gàidhlig aig a mhòr-chuid dhen luchd-dannsaidh, bidh corra dhaoine ga bhruidhinn, gu h-araidh ma bhios Rachel ag obair mar dorsair, is e tè aig a bheil Gàidhlig o thùs; no Ed, aig a bheil Gàidhlig cuideachd, agus a nigheanan nan sgoilearean aig sgoil FMG ann an Dùn Èideann.

Corra uair, bidh buidheann de luchd-ionnsachaidh bhon Clas Gàidhlig Lunnainn an làthair. Bidh daoine a’ beannachadh an latha ann an Gàidhlig cuideachd agus co-dhiù.

 

Thèid na dorsan am fosgladh aig 7f agus bi an dannsadh a’ tòiseachadh aig 8f. Cosgaidh ticead £16.50. Faodaidh sibh ticead a cheannach aig an doras no ro làimh. Ma tha sibh ag iarraidh ticead a’ cheannach aig an doras, ‘s ann trath a dh’fheamas sibh ruigsinn. Am fear as luaithe làmh, ‘s e as fheàrr cuid! Thèid na ticeadan aig an doras air an reic ann an ùine goirid. Crìochnachaidh an oidhche aig 11f. Airson barrachd fhiosrachaidh fhaighinn (mu chinn-là nan dannsaichean is eile), rachaibh do laraich-lìn do Chèilidh Club: https://ceilidhclub.com/

 

Bha suipeir Bhurns air a cumail o chionn ghoirid aig ionad eadar-roghnadh an Comainn, Talla-Baile Hammersmith. Dh’ith buidheann mòr de roitearan tagais, snèap is buntàta, agus iad ag èisteach ri Ed, is e a’ leughadh “Address to the Haggis” le Raibeart Burns, a chord gu mòr riutha. Sheinn a’ phiob mhòr pùirt mosgladh mar “Scotland the Brave” is eile, fhad ‘s a thug iad an tagais a-steach agus a-mach a-rithist.

 

An sealladh de fhir leis na fèilidhean beaga orra agus na boireannaich aca a’ gluasad gu sgiobalta thairis air an làr-dannsaidh, ’s e rud a bhuinneas do cultar Gàidhlig na h-Alba a th’ann. Cultar air a chomharrachadh leis an èideadh, a’ cheòl, an dannsa, na sgeulachdan, a’ bhàrdachd agus an uisge-beatha aige. Agus—nas cudromaiche buileach—leis a’ chànan aige. ‘S e sin an rud a tha a’ toirt a h-uile cail eile còmhla.

 

Cum Gàidhlig beò!

Domhnall Wilson

 

(Bidh Domhnall a’ dol do thachartasan aig Comann nan Dannsaichean-Cèilidh Lunnainn gu cunbhalach, agus ‘s e ball de Chlas Gàidhlig Lunnainn a th’ann cuideachd.)

 

*Note: the above is a provisional translation by the webmaster pending assistance from others. It is intended that mistakes will be rectified shortly.