Dà chuirm-ciùil air leth a thachras an Lunnainn ‘sna beagan mhìosan romhainn…

April 12, 2019
by Colin West

Bi Màiri Anna NicUalraig air cuairt leis a’ chlàradh ùr aice, Glaschu, aig an Eaglais Fionnlannach an Rotherhithe, air an treas latha den Cèitean. Barrachd fhiorachaidh an seo. Ticeaidean ri fhaighinn an seo.

 

An uairsin, air an aonamh latha air fhichead den Òg-Mhios, cluichidh Brìghde Chaimbeul aig Àite an Righ. Fiosrachadh agus ticeaidean ri fhaighinn an seo.

 

Bidh Gaidheil an Lunnainn gu leòr ann am fianais aig an dà chuid, gun teagamh. An dòchas gum faic sinn ann sibh!