Fiosrachadh Coitcheann mun Ghàidhlig
Tha Gàidhlig ga bruidhinn an Alba bho chionn mu thimcheall an 6mh linn an dèidh Ìosa. Ron àm sin, is e Cruithnis a bhathar a’ bruidhinn— ged nach eil a bheag de dh’eòlas againn oirre. Thugadh a’ Ghàidhlig do dh’Alba le luchd-imrich à Èirinn, agus chuir iadsan an sluagh Cruithneach à àite, no co-dhiù, chuir iad às don chànan aca. Thug an luchd-imrich seo leotha an creideamh Crìostachd cuideachd. Is e Calum Cille, fear de na Gàidheil a bu tràithe a ràinig Alba, agus a stèidhich an abaid ainmeil ann an Eilean Ì.
Bha Gàidhlig uair ga bruidhinn air fad is leud na h-Alba, ach a-mhàin sna h-Eileanan a Tuath (Arcaibh is Sealtainn) agus, ma dh’fhaoidte, air fìor cheann an ear-thuath Ghallaibh. Cha ghabh an fhianais air seo àicheadh. Lorgar ainmean-àite le tùsan Gàidhlig air feadh mapa na h-Alba, bhon t-Sròn Reamhar san iar-dheas gu Ceann Loch Biorbhaidh san fhìor cheann a tuath agus air ais gu Càrn Ùstaidh san taobh an ear.
Gàidhlig ann an teaghlach cànain na h-Eòrpa
Tha a’ Ghàidhlig na cànan Ceilteach. Is i Gaeilge as dlùithe an dàimh rithe. Gu dearbh, is ann dhen aon chànan cheudna a bha Gaeilge, Gàidhlig agus Gaelg o thùs, mus tàinig orra dealachadh thairis air na 1,000 bliadhna mu dheireadh (caran coltach ris an dòigh san do dhealaich na cànanan Ròmanach, leithid Fraingis is Spàinntis, ri an sinnsear coitcheann, Laideann). Gheibhear Cuimris agus Breatannais am measg nan cànanan Ceilteach eile.
Tha a’ Ghàidhlig a-rèiste na ball de theaghlach cànain eadar-dhealaichte bhon Bheurla Shasannach. Is e cànan Gearmailteach a th’ anns a’ Bheurla le rùsg mòr de dh’fhaclan oirre a tha a’ buntainn don Fhraingis. Tha seo na shamhla de dh’eachdraidh na Beurla, a bh’ air a toirt gu Breatainn leis na h-Angla-Sagsannaich a fhuair iad iad fhèin air an ceannsachadh le Normanaich na Frainge ann an 1066.
Ged a thachair na h-Angla-Sagsannaich ri sluaghan Ceilteach air dhaibh Breatainn a ruighinn, cha do dh’fhàgadh ach comharra beag, dha rèir fhèin, de na cànanan Ceilteach air Beurla Shasainn.
Tha a’ Bheurla a-rèiste nas dlùithe ris a’ mhòr-chuid de chànanan na Roinn-Eòrpa (Gearmailtis, Danmhairgis, Fraingis, Eadailtis, msaa.) na tha i ri Gàidhlig. Tha seo a’ ciallachadh gum faodadh e bhith na dhùbhlan do luchd na Beurla Gàidhlig ionnsachadh!
Chan ionann a’ Ghàidhlig agus Albais san t-seagh sin idir. Aig bun gnothaich, is e Beurla a th’ ann an Albais ach le grunn diofaran ann am briathrachas. Cha dèanadh e ciall sam bith gràmar Albais a bhith againn, oir is e gràmar Beurla a th’ ann an gràmar na h-Albais. Air a’ chaochladh ge-tà, tha gràmar na Gàidhlig gu tur eadar-dhealaichte. Mar eisimpleir, is e cùisear-gnìomhair-cuspair (the man ate the food = an duine dh’ith am biadh) an t-òrdagh àbhaisteach aig Beurla ach gnìomhair-cùisear-cuspair (dh’ith an duine am biadh) an t-òrdagh Gàidhlig.
Feartan comharraichte a’ chànain
Gheibhear àireamh de dh’fheartan inntinneach agus comharraichte an lùib na Gàidhlig. Tha gu bheil roimhearan a’ nasgadh ri riochdairean gus faclan ùra air a bheil riochdairean roimhearach a chruthachadh air fear dhiubh:
Le + thu = leat
Do + mi = dhomh
Tha ainmearan ann an Gàidhlig, eu-coltach ri ainmearan Beurla, fireann no boireann a thaobh an gnè ghràmarach.
Gheibhear ceithir tuisealan sa Ghàidhlig cuideachd. Is iadsan na tuisealan ainmneach, tabhartach, ginideach agus gairmeach. Tha tuisealan Gàidhlig a’ toirt buaidh air an alt agus a’ bhuadhair, a bharrachd air an ainmear.
(B’ àbhaist gnè ghràmarach agus tuisealan a bhith an lùib na seann Bheurla, ach shìol an dà chuid às mar a chaidh gràmar a’ chànain a shìmpleachadh gu mòr rè ùine. Chan eil ach aon eileamaid de na tuisealan air fhàgail aig Beurla an latha an-diugh; agus ´s e sin na riochdairean pearsanta: I (cùisear) said to him (cuspair), ach he (cùisear) said to me (cuspair)).)
Chan fhaighear alt neo-chinnteach ann an Gàidhlig. Nì motha a gheibhear an tràth làthaireach. Chan eil ach aon ghnìomhair Gàidhlig aig a bheil tràth làthaireach — agus ´s e sin ‘a bhith’ (aig a bheil ‘tha’ san tràth làthaireach). Gheibhear an tràth làthaireach aig a h-uile gnìomhair eile le bhith a’ cur ‘tha’ agus an ainmeir gnìomhairich ri chèile (tha e a’ bruidhinn).
Gheibhear dà riochd aig a’ ghnìomhair ‘a bhith’: ‘bidh’ agus ‘is’. Thathar a’ cleachdadh ‘bidh’ (le ‘tha’ san tràth làthaireach) airson mìneachadh a thoirt air cùisean; tha ‘is’ air a chleachdadh airson rudan a shònrachadh a-mach. Mar sin dheth, chan urrainn dhut d’ ainm no an obair agad a ràdh ann an Gàidhlig le bhith a’ cleachdadh ‘tha’ a-mhàin. Seach sin, dh’fheumadh tu ‘Is mise Cailean’ no ‘Se tidsear a th’ annam’ a ràdh na àite.
Ged as e deiridhean nam faclan a bhios ag atharrachadh gu bitheanta ann an cànanan Eòrpach, ´s ann tric aig toiseach an fhacail a bhios faclan Gàidhlig ag atharrachadh. Mar eisimpleir, gus an tràth caithte a chruthachadh, thèid an tùs-fhuaim aig freumh a’ ghnìomhair a shèimheachadh. Gus ‘seinn’ a thionndadh don tràth chaithte, theirear ‘sheinn (mi)’.
Gidheadh, a bharrachd air mùthadh toiseach nam faclan an Gàidhlig, bidh an deireadh agus am meadhan uaireannan ag atharrachadh cuideachd! Mar eisimpleir, anns an tuiseal ainmneach gheibhear ‘am falt’, san tuiseal thabhartach, gheibhear ‘an fhalt’ agus gheibhear ‘an fhuilt’ san tuiseal ghinideach.
Chan eil ach 18 litrichean san aibidil Ghàidhlig, ach tha grunn fhuaimean anns a’ chànan nach fhaighear idir ann am Beurla, leithid an fhuaimreig ‘ao’ (ann am faclan mar ‘caol’) agus an fhuaim chonnragaich ‘dh’ (ann am facal mar ‘dhomh’). Gheibhear mar an ceudna fuaimean Beurla nach fhaighear ann an Gàidhlig (leithid an stada ghlotaich).