Goireasan do luchd-ionnsachaidh

Sabhal Mòr Ostaig

Is e Sabhal Mòr Ostaig colaiste Ghàidhlig na h-Alba agus tha e air a shuidheachadh ann an Slèite, “Lios an Eilein Sgitheanaich”, faisg air aiseag Àrmadal. Bidh a’ mhòr-chuid de luchdionnsachaidh Gàidhlig gan lorg fhèin air a’ cheann thall aig Sabhal Mòr Ostaig, far an caith iad seachdain air fear de na cùrsaichean goirid a bhios a’ cholaiste a’ ruith anns a’ Chàisg agusan t-samhraidh. Tha Sabhal Mòr cuideachd a’ ruith chùrsaichean air astar far nach fheumar a bhith an làthair aig a’ cholaiste agus sam bi oileanaich a’ gabhail pàirt ann an clasaichean fòn gach seachdain. Tha a mhòr-chuid de bhuill chlas Gàidhlig Lunnainn – a’ chuid as motha de chlas ìre 2 aig a’ char as lugha, air a bhith aig Sabhal Mòr co-dhiù aon turas, agus tha feadhainn air a bhith a-null ´s a-nall iomadh turas. Tha eachdraidh aig an ainm Sabhal Mòr Ostaig ag innse dhuinn gun do cheannaich luchd-stèidheachaidh na colaiste sabhal mòr cloiche aig Ostaig san Eilean Sgitheanach, anns an robh a’ cholaiste air a suidheachadh o thùs. Tha an sabhal ann fhathast agus tha e air fear dhen dà àrainn-cholaiste.

Làrach-lìn: www.smo.uhi.ac.uk/en/

Goireasan air-loidhne

Gheibhear pailteas de ghoireasan air-loidhne a-nis do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. A thaobh fhaclairean, tha ‘Am Faclair Beag’ https://faclair.com a’ toirt mìneachaidhean nuadha Gàidhlig agus mìneachaidhean on t-seann fhaclair chliùiteach aig Edward Dwelly (air fhoillseachadh o thùs an 1920). Is ionann am faclair aig learngaelic.scot/dictionary agus an tionndadh nuadh air làrach-lìn an Fhaclair Bhig, ach tha barrachd faidhlichean èisteachd na chois; mar sin is e faclair ‘bruidhne’ an ìre mhath iomlan a th’ ann don Ghàidhlig.

Gheibhear iomadh goireas eile aig learngaelic.scot, na mheasg sin, Litir do Luchd-ionnsachaidh aig Ruairidh Macilleathain, ‘litir’ ghoirid ann an cruth èisteachd is teagsa. Tha tionndadh nas sìmplidhe dhe na litrichean, air a bheil ‘An Litir Bheag’ ri fhaighinn air an làrach-lìn cuideachd. Tha na ceudan litrichean ann a-nis, agus tha iad nan stòras prìseil do luchd-ionnsachaidh.

Is e an sreath rèidio ‘Beag air Bheag’ goireas feumail eile do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air BBC Radio nan Gàidheal. Tha am prògram seo an-dràsta a’ dol tron naoidheamh sreath aige, agus gheibhear gach prògram mar phodcast air aplacaid BBC Sounds.

Tha aplacaidean feumail ann cuideachd airson cànanan ionnsachadh, agus ´s e memrise.com agus Anki as fheàrr dhiubh. Tha grunn chùrsaichean Gàidhlig rim faighinn air Memrise, ach is urrainn dhut a bhith a’ cleachdadh Memris no Anki gus liostaichean de dh’fhaclan a dhèanamh dhut fhèin.

Leabhraichean

Gun teagamh, is e ‘Teach Yourself Gaelic’ le Boyd Robastan agus Iain Mac an Tàilleir an leabhar as fheàrr do luchd-ionnsachaidh Gàidhlig. Ach ge be cho math ’s a tha an leabhar, cha ruigear ach leth-cheann na slighe le bhith a’ feuchainn ri Gàidhlig ‘ionnsachadh dhut fhèin’.  Thathas a’ brosnachadh a h-uile neach gus gabhail ann an clas, a chionn ’s gum bi tidsear agad ann a bhios a’  freagairt do cheistean agus a cheartaicheas na mearachdan agad!).

Telebhisean

Chaidh sreath telebhisean do luchd-ionnsachaidh ris an cante ‘Speaking Our Language’ a chraoladh leis a’ BhBC anns na 1990an. Is e goireas feumail do luchd-ionnsachaidh a tha seo fhathast. Tha BBC Alba a’ cumail orra a’ craoladh a’ phrògraim agus faodar na DVDan a cheannach o Chomhairle nan Leabhraichean (https://gaelicbooks.org).