Thill Còisir Lunnain dhan a’ Mhod Naiseanta Rìoghaill ann an Glaschu am bliadhna, às dèidh mòran bliadhnachain. Bha Eilidh Cooper Oliver ann agus an-seo tha i an innse dhuinn mu dheidheinn..
[Dealbh os ceann: buill na Còisir Lunnainn leis na brògan spaideil aca… Eilidh fhèin air an taobh chlì.]
Tha mi fhèin air a bhith aig a Mhòd dìreach dà thuras, agus an dà chuid dhiubh sin nuair a bha mi fhathast sa bhun-sgoil. Bha cuid eile nach robh riamh aig a’ Mhòd agus cuideachd duine neo dhà tha air a bhith ann iomadh turas – fada a bharrachd bliadhnaichean na tha mi fhèin air a bhith beò.
Uill, chòrd e rium dìreach glan! Bha mi caran iomagaineach mu dheidhinn a bhith seasad air an àrd-urlar, is cha robh mi idir an dùil gur ann mar sin a bhiodh mi. Tha mi air a bhith seinn air beulaibh daoine eile fiù ‘s mus robh mi comasach air leughadh, ach cho luadh ‘s a sheas sinn air an àrd-urlar sin, ‘s ann gun robh mi deiseil gus dol a laigse! Cha robh mi idir ag iarraidh gur e sin an aon rud a bhiodh daoine a’ cuimhneachadh mu dheidhinn Còisir Lunnainn a’ tilleadh don Mhòd, ‘s sinn “live” air BBC Alba.
Ach tha mi beò fhathast, agus gu math pròiseil às na puingean a fhuair sinn. Ach fad a bharrachd na seinn fhèin, chòrd e rium uiread a bhith coinneachadh ri daoine as aithne dhomh agus a bhith air mo chuardachadh le daoine a’ bruidhinn Gàidhlig. Bha seòrsa de dh’fhaireachdainn agam gun robh mi air tilleadh dhachaigh. Tha sinn uile làn spionnadh gus barrachd òrain ionnsachadh is barrachd Gàidhlig a bhruidhinn. Ach ‘s dòcha an ath-bhliadhn’ cuiridh mi brògan ìosal orm!