Bidh City Lit a’ ruith chlasaichean Gàidhlig gach oidhche Chiadain. Tha iad air an cumail ann an leas-thogalach City Lit air Sràid Eversholt, faisg air Stèisean Euston. Tha dà ìre ann do luchd-tòiseachaidh agus luchd-ionnsachaidh eadar-mheadhanach. Tha clas Ìre 1 a’ tòiseachadh aig 6f agus Ìre 2 aig 7.35f le Mòrag Traynor gan teagasg. Tha Mòrag a’ teagasg gràmar is faclan Gàidhlig tro chaochladh seòrsa stuthan-leughaidh, o bhàrdachd gu sgeulachdan goirid gu artaigilean ann an irisean. Tha cothrom aig foghlamaichean air an comas bruidhne a leasachadh agus pàirt a ghabhail ann an còmhraidhean nan clasaichean. Gheibhear taobh sòisealta an dèidh nan clasaichean cuideachd (ris an canar ‘cultural field studies’) ann an taigh-seinnse faisg air làimh don fheadhainn a thogras thighinn ann. Tha cùrsaichean a’ cosg £179 san teirm (airson 12 leasan) air neo £109 do dhaoine a tha airidh air lasachadh.
A thuilleadh air na cùrsaichean cànain seachdaineil, bidh City Lit a’ cumail chùrsaichean eile air cuspairean leithid leughaidh ann an Gàidhlig. Bidh luchd-labhairt, leithid a’ bhana-bhàrd Ghàidhlig Meg Bateman uaireannan air aoigheachd aig a’ chlas Ghàidhlig.