London Gaelic Choir

Is e Còisir Ghàidhlig Lunnainn a’ chòisir Ghàidhlig as sine san t-saoghal, oir chaidh a stèidheachadh an 1891. Mar a bha o shean, thathar a’ dèanamh ruithean-thairis ann an Eaglais Cùirt Crùn na h-Alba san Taobh an Iar, ceàrn beothail Lunnainn.

Bidh a’ chòisir a’ coinneachadh gach oidhche Mhàirt gus ruith-thairis a dhèanamh bho 7f. Tha fàilte ro bhuill ùra agus luchd-tadhail. Chan eil eòlas air a’ Ghàidhlig riatanach oir gheibhear oideachadh ann an Gàidhlig agus ceòl aig na ruithean-thairis.

Tha meud na còisir air atharrachadh thar nam bliadhnaichean. Mar as trice an-dràsta, bidh mu dhusan de na buill chunbhalach an làthair gach Dimàirt, agus bidh càch an làthair air uairibh. Chan fheum buinteanas a bhith agad ris a’ Ghàidhealtachd, no eadhon ri Alba. Anns a’ bhallrachd an-dràsta, tha Gàidheil às a’ Ghàidhealtachd ´s na h-Eileanan, ach cuideachd Goill, daoine à ceann a tuath ’s a deas Shasainn, agus feadhainn à taobh thall na cruinne.

Chan eil clàr-cuirm riaghailteach aig a’ chòisir; seach sin, bheir i cuirmean o àm gu àm air fhiathachadh bhuidhnean leithid chomainn Lìbhre agus mhargaidhean-sràide Lunnainn. Tha i cuideachd a’ seinn mar chòisir eaglaise airson seirbheis bhliadhnail nan caireallan aig Eaglais Lumen ann an Ceàrnag Regent.

 

Còisir Lunnainn ag ullachadh airson seirbheis nan caireallan aig Eaglais Lumen

A thuilleadh air seo, thill a’ chòisir don Mhòd às dèidh beàrn de ghrunn bhliadhnaichean, agus fhuair i comharran reusanta math ann am farpais Margaret Duncan. Chuir grunn bhall a-steach airson farpaisean dhaoine fa leth cuideachd. Gheibhear aiste bloga le soprano na còisir, Eilidh Cooper Oliver, mu aiseirigh Còisir Lunnainn aig a’ Mhòd air an làrach-lìn (an-seo).

Còisir Lunnainn ag ullachadh airson Mòd Ghlaschu.

An lùib stòras-ciùil na còisir, gheibhear pìosan-ciùil gun rannan co-ionann ann an co-sheirm de cheithir pàirtean, nam measg, rèiteachaidhean de dh’òrain dhùthchasach na Gàidhlig agus pìosan airson farpaisean a’ Mhòid.

Bidh a’ chòisir a’ cur chèilidhean air dòigh cuideachd, o chuirmean mòra dannsaidh gu oidhcheannan san taigh-sheinnse le pìosan dibhearsanach agus na seann òrain ghaolach.

Cèilidh Mhòr na Gàidhlig aig Còisir Lunnainn an 2019

Tha a’ chòisir air a stiùireadh le Fearghas Reoch agus Angelique NicDhòmhnaill. Gheibhear agallamh le Fearghas agus Angelique mun Chòisir an-seo.

 

Fearghas Reoch

StiùiricheBuinidh Fearghas do Chille Phàdraig Ùr.