Chaidh Comunn Gàidhlig Lunnainn a stèidheachadh an 1830. Tha e a’ cumail grunn thachartasan co-cheangailte ri cuspairean Gàidhlig air feadh na bliadhna le luchd-labhairt no luchd-ciùil. Tha na tachartasan o chionn ghoirid a’ gabhail a-steach òraid le Iain Moireach mu “Litreachas Cruth-tìre na Gàidhlig”; oidhche de dh’òrain Ghàidhlig ann an cuideachd Ainsley Hamill; agus òraid air Sufragaidean Innse-Ghall leis an dràmadaiche Toria Banks. Anns am beagan ùine a dh’fhalbh, thug Chris Hood seachad òraid mun eachdraidh nas traithe a’ Chomuinn agus cuid den fheadhainn a bha an sàs na stèidheachadh. Cosgaidh tachartasan £15 anns a’ chumantas, le suipear buffet nan cois. Tha tachartasan fosgailte mar aon do bhuill a’ Chomuinn agus do dhaoine bhon taobh a-muigh.
Ainsley Hamill
Chuir an Comann air dòigh oidhche de dh’òrain Ghàidhlig le Ainsley ann an 2018.