Tha Eaglais Lumen na h-Eaglais Ath-leasaichte Aonaichte suidhichte ann an Regent Square. Lorgaidh i a freumhan ann an coitheanal Gàidhlig (an caibeal Gàidhlig a bh’ air a stèidheachadh ann an Hatton Garden an 1813). O chionn ghoirid, bha Guthan an Iar (còmhlan-seinn à Uibhist a Deas) air aoigheachd aig an eaglais agus bha Còisir Lunnainn a’ seinn aig seirbheisean an-seo cuideachd. Is e neach-ionnsachaidh Gàidhlig a th’ anns a’ mhinistear, an t-Urr. Greumach. Thèid fiosrachadh eile fhoillseachadh nuair a bhios e ri fhaotainn. An-uiridh (2018), bha Seirbhis na Nollaig aig an eaglais seo.