Fàilte gu gaelicinlondon.net

Fàilte do gaelicinlondon.net, làrach-lìn a tha a’ tàrraing còmhla a h-uile gnìomh is buidheann co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig an Lunnainn an-diugh, agus a’ toirt fiosrachadh mu na tachartasan Gàidhealach uile ri thighinn an Lunnainn. Tha an làraich-lìn seo gu tur dà-chànanach. Faodar an canan atharrachadh aig ceann na duileig.

Ionnsaich Gàidhlig an LunnainnDè tha dol?

Tha barrachd Gàidhlig an Lunnainn ´s na shaoileadh tu. Is ann an Lunnainn a gheibhear an Comann Gàidhealach agus a’ chòisir Ghàidhealach as aosta san t-saoghal (stèidhichte an 1830 is 1891 air leth). Gheibhear clasaichean seachdaineil, cearcall còmhraidh agus grunn sheirbheisean eaglais Gàidhlig ann air feadh na bliadhna cuideachd. Mar sin, ge be tha thu nad neach-tòiseachaidh no fileanta, agus ge be cò às a tha do chuid Gàidhlig, gheibh thu fàilte bhlàth sa cheanna-bhaile – agus nas cudromaiche buileach, cothrom air do chuid Gàidhlig a chleachdadh.

A thuilleadh air na tachartasan a thèid an cur air dòigh le gin de na buidhnean a tha fo sgiath na làraich-lìn seo, bidh consairtean le ceòladairean Gàidhlig a’ gabhail àite bho àm gu àm an Lunnainn. Mar eisimpleir, thug Caimbeulaich a’ Ghrìoba, Runrig, Julie Fowlis, Màiri Anna NicUalraig agus Brìghde Chaimbeul uile consairtean seachad an Lunnainn sna beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh. Mar as trice, bidh iad seo air am frithealadh le luchd-riochdachaidh o na buidhnean fo sgiath na làraich seo. Thèid brathan-naidheachd mu thachartasan ri thighinn a dh’fhaodadh a bhith inntinneach fhoillseachadh an-seo.

Tha sinn cuideachd air Facebook: https://www.facebook.com/gaelicinlondon/

agus Twitter: @gaelicinlondon

Tachartasan

[et_pb_dfbm_blog dfbm_fullwidth=”off” custom_posttypes=”event” posts_number=”3px” show_comments=”off” show_categories=”off” show_author=”off” show_date=”off” meta_date=”d M Y” show_pagination=”off” admin_label=”Events feed” module_class=”events” _builder_version=”3.18.8″ _i=”1″ _address=”2.0.0.1″][/et_pb_dfbm_blog]