James Boswell anns an Eilean Sgitheanach

November 11, 2019
by Robbie Kerr

Tha Robbie Kerr, “alumnus” a’ chlais Ghàidhlig Lunnainn, air pìos a sgrìobhadh mu bheatha James Boswell agus gu h-àraidh an turas a rinn e còmhla ri Dr. Johnson don Eilean Sgitheanach ann an 1773. Choinnich an dithis ann an sràid Russell ann an Covent Garden; mar siud, tha ceangal làidir ri Lunnainn ‘sa phìos seo cuideachd.

JAMES BOSWELL ANNS AN EILEAN SGITHEANACH

Relief of Boswell on the Strand, London

CÒ ÀS A BHA E?

RUGADH James Boswell san Dàmhair 1740, faisg air an àrd-eaglais ann an Dùn Èideann. B’ e am mac a bu shine a bh’ ann aig Fhear Achadh na Creige [Lord Auchinleck]. Bha athair na bhritheamh cudromach anns an Àrd-Chùirt, le còrr is 20,000 acaire aige ann an Siorrachd Àir. Fhuair Thomas Boswell am fearann, agus caisteal mar dhuais bho Sheumas IV na h-Alba ann an 1504. Bha sinnsearachd rìoghail aig a mhàthair, bho athair Sheumais VI. ’S  urrainn dhuinn ràdh, le cinnt, gur e duine uasal a bh’ ann an James Boswell, agus moiteil às.

CHA robh James òg na leanabh toilichte idir. Bha athair fuar, cruaidh agus cha robh e aig an taigh ach ainneamh. Bha a mhàthair measail air, ach bha ise na fior chlèireach, le ceann loma-làn dhealbhan de dh’ifrinn agus a leithid. Thogadh e ann an eagal. Cha robh e làidir no fallain co-dhiù, agus dh’ionnsaich e gun d’ fhuair e gaol is aire a bharrachd nuair a bha e tinn agus dh’fhàs e sgileil mar chleasaiche. Nuair a bha e còig bliadhna a dh’aois chunnaic e na Seumasaich a’ campachadh air Suidhe Artair, is ghlac iad a mhac-meanmna. Bha e airson a bhith na shaighdear.

THÒISICH e san sgoil a bha ann an “West Bow”. B’ e sin an t-slighe eadar am prìosan agus a’ chroich. Abair àite airson balach òg iomagaineach! Ge-tà, cha b’ e amadan a bh’ ann agus rinn e math gu leòr, le slat air a cleachdadh gu tric is minig mar “bhrosnachadh”. Bhàsaich a sheanair  ann an 1749 agus rinn an teaghlach imrich gu Auchinleck House. Chòrd seo ri James agus fhuair e oide prìobhaideach, John Dun, a bha na b’ fhèarr cuideachd. Ge-tà ann an 1752, bha Dun air àrdachadh mar mhinistear agus thàinig Joseph Ferguson na àite. Cha do chòrd am fear ùr ri James idir agus dh’fhàs e tinn a dh’aona ghnothach. Chaidh e gu Mofad  anns na Crìochan far an robh an t-uisge ainmeil mar leigheas. Dh’fhàs e na b’ fhèarr às dèidh grèis agus thill e. Thòisich e air Oilthigh Dùn Èideann nuair a bha e 13 bliadhna a dh’aois [mar a bha cumanta san linn sin].

CHA robh smachd athar cho trom aig an oilthigh agus bha James soirbheachail, ag ionnsachadh Laideann, Greugais, Fraingis, Matamataig agus Beus-eòlas. Bha seo trèanadh math, freagarrach airson dreuchd laghail agus bha athair na neach-lagha, agus a sheanair…..  Cha robh e cho diùid ’sa bha agus fhuair e caraidean ùr, gu sònraichte William Temple agus John Johnson [no “Grange”]. Mhair an càirdeas seo fad a bheatha. Dh’fhàs e am breislich a thaobh creideimh ann an 1757, a’ faighneachd ceistean mar “a bheil saor-thoil agam idir?” Dh’fhulaing    e trom-inntinn agus chaidh e gu Mofad a-rithist gus fois a ghabhail. Thàinig piseach air a shlàinte agus thill e às dèidh grèis. Bha e a’ dol suas is sìos fad a bheatha. Bidh feadhainn ag ràdh gun do dh’fhulaing e le sgoltadh-inntinne. Chuir e seachad a’ bhliadhna mu dheireadh aige ag ionnsachadh lagh agus a’ dol dhan taigh-chluiche. Thòisich e air bàrdachd a sgrìobhadh. Bha e den bheachd gum fàsadh e ainmeil anns an t-saoghal litreachail. Bha e air a bheò-ghlacadh leis an àrd-ùrlar agus beatha nan cleasaichean. Bha e òg, eireachdail, uasal; rinn e an gnothach le cuid de na bana-chleasaichean, a gabhail a-steach co-dhiù tè a bha pòsta Bha  sin brosnachail ach cunnartach, agus an eaglais dubh an aghaidh an àrd-ùrlair. Co-dhiù chuala athar Boswell rudeigin mu deidhinn mar a bha a mhac ga ghiùlan fhèin agus chuir e stad air.

BHA Boswell air a chur gu Oilthigh Glaschu gus a’ chuid ionnsachaidh aige a leantainn. Ged nach do chòrd beatha ann an Glaschu ris an taca ri beatha ann an Dùn Èideann, cha robh cùisean ro dhona. Sgrìobh e litir do Grange ag ràdh nach robh am baile cho gruamach ’sa bha e an dùil. Bha co-dhiù aon charaid ann. Bha Francis Gentleman a’ fuireach ann an Glaschu. Bha e air a dhreuchd a chall anns an taigh-chluiche Dùn Èideann, agus bha e a’ feuchainn ri beò-shlaint a dhèanamh mar sgrìobhadair. Fhoillsich e ath-riochdachadh den nobhail “Oroonoko” le Aphra Behn agus choisrig e an leabhar do Boswell. Bha Adam Smith na òraidiche  aig an oilthigh aig an àm sin, agus dh’èist Boswell ri cuid de na h-òraidean aige. Bha Boswell den bheachd gum b’ e gaisgeach inntleachdail a bh’ ann an Smith agus gu math laghach cuideachd. Cha robh Boswell riaraichte idir, ge-tà. Bha na làithean fada, slaodach anns an t-saoghal acadaimigeach agus chuir e roimhe ar-a-mach pearsanta a dhèanamh. Bha e airson a bhith na Chaitligeach, fiù ’s sagart no manach. Chailleadh e dreuchd, cuibhreann, dìleab is caraidean ach bha e coma. Fhuair e eich air màl agus theich e gu Lunnainn.

AM FEAR ÒG ANNS A’ BHAILE MHÒR

CHAIDH Boswell am falach fad cola-deug ach chuala athair far an robh e. Chuir e ìmpidh air an Iarla Eglinton dèiligeadh ris an t-suidheachadh agus rinn esan an gnothach gu dearbh! Bha Boswell air a thoirt a-steach do saoghal uasal, drabasta, beartach, cudromach. Thachair e ri siùrsaich agus oighre a’ chrùin. Chaidh e gu Newmarket gus na rèisean fhaicinn agus a-steach do bhothain suarach, ag òl, bho mhoch gu dubh. An ceann greis, chaill e ùidh ann an creideamh. Chuir e roimhe gun robh e airson a bhith oifigear anns na Geàrdan, ach bha sinn daor. Thàinig athair gu Lunnainn agus rinn iad aontachadh. Thilleadh Boswell gu Dùn Èideann fad dà bhliadhna, a’ feuchainn ri teisteanas fhaighinn mar neach-lagha, le cuibhreann chiad not gach bliadhna. Nam biodh e soirbheachail, bheireadh athair maoineachadh dha  gus feuchainn ri coimisean fhaighinn. Bha Boswell aindeònach ach, mu dheireadh, dh’aontaich e.

CHA robh an t-oileanach bochd toilichte idir. Bha athair na thidsear cruaidh, bha aige ri fuireach aig an taigh agus bha a’ fulaing le galar-drùiseil, agus cha robh sinn an turas mu dheireadh nas motha. Thathar ag ràdh gun do thachair a leithid seachd tursan deug. Dh’fheuch e bruidhinn le blas Beurla; bha e airson a bhith cho eirmseach, cho fìnealta, cho Sasannach ’sa ghabhas. Sgrìobh e tòrr bàrdachd ach cha robh na rannan math agus cha do choisinn e cliù mar a bha e ag iarraidh idir. Bha aisling aige mu bheatha mar oifigear agus duine-uasal anns an t-saoghal  litreachail ann an Lunnainn. Thuirt na caraidean aige gun robh seo do-dhèante, gun robh an t-arm a’ lughdachadh seach a’ meudachadh, ach dh’fheuch e a-rithist is a-rithist. Mu dheireadh thall, rinn e an gnothach aig na deuchainn laghail beòil air 30 an t-Iuchar 1762. B’ e neach-lagha a bh’ ann. Bha athair toilichte agus mheudaich e an cuibhreann aig Boswell gu £200 gach bliadhna. Thill e gu Lunnainn le cead, far an do thachair e ri Samuel Johnson air 30 an t-Iuchar 1763. Bha e air a thoirt a-steach mar “James Boswell, from Scotland”.  Chuir e ris ”Though I cannot help that”. Fhreagair Johnson “Sir, that, I find, is what a very great many of your countrymen cannot help!”

Plaque commemorating the first meeting of Johnson and Boswell, Covent Garden, London.

DH’FHÀS an dithis dlùth. Dh’fhoillsich Johnson “Dictionary of the English Language” ann an 1755 agus bha e ainmeil air feadh an  t-saoghail nuair a thachair e ri Boswell. Ge-tà, bha e mòrchuiseach, mòr às fhèin, an-còmhnaidh a’ sireadh luchd-èisteachd deònach ri meas a thoirt air a’ chuid eirmseachd aige; agus abair gun robh Boswell deònach a bhith mar phàirt den chearcall gleansach sin! B’ e Toraidh a bh’ ann an Johnson agus measail air sgeulachdan Boswell a thaobh nan Cinnidhean agus Cinn-cinnidh dualtach, neartmhor. Bha e den bheachd gun robh na h-Albannaich borb, ach ’s docha gum b’ fhiach sùil a thoirt air an dùthaich aca. Às dèidh iomairt fada, dh’aontaich e cuairt a ghabhail còmhla ri Boswell ann an 1773.

DITHIS ANN AN ALBA

DH’FHÀG iad Dùn Èideann,  nuair a dhùin na cùirtean-lagha, air 18 Lùnastal 1773, a’ siubhail gu tuath ann an carbad beag. Chaidh iad tro Chill Rìmhinn, Dhùn Dè, Mhon Rois, Obar Dheathain, Bhanbh, Eilginn agus Dhùn Sheòrais,  a’ ràinig Inbhir Nis às dèidh deich latha. Cha robh aca ri fuireach ann an taigh-òsta ach ainneimh. Bha lìonra mìorbhaileach aig Boswell [air sgàth athair] a’ gabhail a-steach ministearan, luchd-acadaimigeach, oifigearan airm, uaislean, luchd-lagha is m.s.a.a. agus le cliù Johnson a bharrachd air sin, cha mhòr nach d’ fhuair an dithis fàilte is fuaran anns a h-uile àite. Ged a bha Johnson toilichte gu leòr leis an aire, san fharsaingeachd, cha do chòrd Alba ris thuige seo. Bha e air a uabhasachadh le tobhtaichean nan àrd-eaglaisean agus brònach aig gainnead chraobhan.

ÀS DÈIDH Inbhir Nis, dh’fhàs an t-slighe garbh. Bhiodh carbad gun fheum idir, agus bha aca ri eich fhaighinn air màl. Chaidh iad sìos taobh a deas Loch Nis gu Cille Chuimein agus an uair sin gu Gleann Seile. Bha Johnson air a dhòigh ghlan – seo am fìor Ghàidhealtachd gu dearbh, agus cha robh Beurla idir aig muinntir an àite. Dh’fhàs an t-slighe fiù ’s na bu ghairbhe is chaise agus cha mhòr nach do thuit Johnson, ach mu dheireadh thall ràinig iad Gleann Eilg agus chunnaic iad a’ mhuir.

AN T-EILEAN SGITHEANACH

FHUAIR iad eathar is criutha agus chaidh iad gu cladach Armadail far an robh an Ridire Alastair MacDhòmhnaill a’ feitheamh riutha, air sgath ’s gun robh lìonra Boswell fhathast làidir, agus bha sin fortanach – a rèir Johnson cha robh taigh-òsta sam bith anns an eilean ach fear aig Sgonnsar. B’ fhèarr leis an ridire an taigh ùr cofhurtail aige, seach caistealan, ged a bha pìobaire ann, gus dibhearsan a thoirt dha na h-aoighean aige. Dh’fheuch iad ri ìmpidh a chuir air an Dòmhnallach  gun robh màl àrd agus eilthireachd cunnartach agus gun robh na seann làithean fiùdalach na b’ fheàrr ach cha do dh’aontaich e idir. Nuair a mhol Johnson stòr de armachd, fhreagair e gun mheirgeadh iad. Fhad ’s a bha iad ann an Slèite dh’fhaighnich Johnson a thaobh chuaran [seòrsa de bhròg sìmplidh] a chunnaic e. Thuirt fear gun robh iad air an dèanamh anns a h-uile taigh agus saor gu leòr, ach thuirt fear eile gun robh iad air an ceannach bho chiùird agus gu math daor. A rèir Johnson bha sin fianais gu dearbh gun robh a h-uile Gàidheal mì-earbsa agus na breugaire……  Dh’fhàg iad Armadal air 6 an t-Sultain a’ marcachd chun an Àth-Leathainn agus an uair sin gu Coire-Chattachan, an aon àite far an do dh’fhuirich  an t-ùghdar Thomas Pennant ann an 1772. Fhuair iad fàilte is fuaran bhon fhear-taca MacFhionghain agus a bhean.  Bha aca ri fuireach an sin fad dà là air sgath ’s gun robh droch shìde ann, ach cha robh sin ro chruaidh idir, bha biadh math aca,  pàrtaidh san fheasgar agus caileagan snoga cuideachd. Bha a’ mhire sa Gàidhlig no Erse  agus ged a bha Boswell toilichte gu leòr, cha b’ urrainn Johnson pàirt a ghabhail agus chaidh e innte tràth.

DH’FHÀS an t-sìde na b’ fheàrr an ath-latha agus aig àm bracaist thàinig teachdaireachd gun robh eathar a’ feitheamh riutha gus an toirt gu Ratharsair. Chaidh iad dhan tràigh far an do lorg iad eathar làidir  le ceithir ràimh agus criutha deònach. Bha a’ mhuir fiadhaich;  chaill Johnson na spuirean aige anns a’ mhuir agus chuir sin dragh air. Thàinig iad gu tìr ann an àite creagach aig sia uairean feasgar agus choinnich iad ris  an Fhear Ratharsair is an Leòdach e fhèin. Thug e cuireadh dhaibh tadhal air aig a’ chaisteal aige aig Dùn Bheagan.  Ghabh iad ris gu toilichte. Chruinnich 30 aig cuirm feasgar, le deoch ann am pailteas, biadh math, fìdhlear agus dannsa beòthail mar urram do na h-aoighean cliùiteach, is an dithis air an dòigh ghlan.

AN ATH-MHADAINN, dh’ith iad bonnaich-choirce air an dèanamh le greadan , no coirce loisgte. Chòrd am blas riutha, ach smaoinich iad gun robh am pròiseas caithteach. An uair sin rinn Boswell cuairt timcheall an eilein. Bha Johnson riaraichte sgrìobhadh na chuala e ach bha Boswell airson coimhead air an eilean bheag le a shùilean fhèin. Mar as àbhaist, sgrìobh e sìos tuairisgeul mionaideach air a h-uile rud a chunnaic e cho tràth ’sa ghabhas  anns an leabhar-latha no journal aige. B’ e an dòigh-obrach seo a rinn Boswell cho cudromach fiù ’s chun an latha an-diugh. Bha an t-uachdaran  air màil a chumail ìosal air feadh an eilein agus ri linn sin cha robh duine sam bith air an eilean fhàgail mar  a bha cumanta bho àiteachean eile. Chuir droch shìde dàil orra ach dh’fhàg iad aig Là na Sàbaid, ged a bha sin an aghaidh nam prionnsabalan aca.

GHABH iad dìnnear aig taigh-seinnse ann an Port Rìgh agus an uair sin chuir iad cèilidh air Flora MacDonald, a bha ainmeil air sgath ’s gun do chuidich i am Prionnsa Tearlach Òg Stiùbhart nuair a bha e a’ teicheadh ann an 1746. Bha a shròn a’ dèanamh dragh mòr do Johnson agus mu dheireadh, fhuair e an sgeulachd cheart, mar a thachair i, à tè a bha ann. Lean iad a dh’ionnsaigh Dùn Bheagan ach sheòladh  iad thar loch gus ochd mìle de marcachd chruaidh a sheachnadh. Dh’ionnsaich iad gun robh an cleas sin cumanta gu leòr anns a’ Ghàidhealtachd. Dh’fhàs an tìr garbh, creagach, bog is an dithis gu math sgìth  nuair a ràinig iad an caisteal, mu dheireadh thall.

Dunvegan Castle, Skye

BHA Johnson cianail toilichte gun robh e “air ais ann an sìobhaltachd” ag ràdh: “ You have saved the best till the last!” agus nuair a bha Johnson toilichte, bha Boswell toilichte cuideachd. Bha an dàimh eatarra mar an dàimh eadar maighstir is cuilean, no, saoil an robh Boswell carach, a’ smaoineachadh mu thràth  air an obair mhòr aige ri thighinn – “The Life of Samuel Johnson”? Co-dhiù, bha iad den aon bheachd, gun robh Dùn Bheagan sgoinneil. Mar neach-lagha, bha Boswell sgileil air ceistean treòrachaidh fhaighneachd agus a-nis bha e air tè a lorg a bha cho sgileil ’sa bha e fhèin. B’ urrainn do Boswell agus a’ Bhean Uasal NicLeoid, Johnson a bhrosnachadh gu ìre iongantach, is esan air a dhòigh ghlan, mar rìgh a’ cumail cuairt, a’ toirt seachad na beachdan làidir connspaideach aige air iomadh cuspair mar: “A bheil ban-adhaltraiche nas miosa na boireannach singilte furasta?”, “A bheil guta dualach?”, “ A bheil mac an duine math no dona, gu nàdarra?”, “An diofar eadar gliocas agus deas-bhriathrachd”, “Na buannachdan snàithlich glasraich an taca ri snàithlich beathaich” agus a leithid; is Boswell a’ clàradh a h-uile facal cho mionaideach ’sa ghabhas. Abair gun robh Johnson fiosrachail, beachdan làidir ann no às. Sgrìobh Boswell: “Madainn an-diugh, mhìnich e a h-uile rud mu dheidhinn mar a bha buinn air an dèanamh is am ministear, a bha an làthair, cinnteach gun do thogadh e ann an taigh-cùinnidh. Feasgar, mhìnich e a h-uile rud mar a bha leann air a dhèanamh agus am ministear bochd cinnteach gun do thogadh e ann an taigh-grùide”.

MU DHEIREADH, às dèidh deagh ghreis, mhol Boswell gum bu chòir iad dol air adhart agus dh’fhalbh iad, gu brònach, air 21 an t-Sultain. Ràinig iad Uilfhinis,  taigh  an t-siorraim, Dòmhnall MacLeòid aig sia uairean feasgar. Dh’fhaighnich iad an-seo, mar a dh’fhaighnich iad ann an iomadh àite eile,  mu dheidhinn Fingal agus Seumas Bàn MacMhuirich. Lorg iad fear a bha eòlach air fear eile, a bha eòlach air fear eile, a bha eòlach air fear eile, a chunnaic an làmh-sgrìobhan, o chionn fhada. Fhuair iad an aon seòrsa freagairt nuair a dh’fhaighnich iad mu dheidhinn dà-shealladh  cuideachd. Cha bhi beartas agus cumhachd daonnan feumail ma bhios duine ag iarraidh na fìrinn. Às dèidh là no dhà eile, chaidh iad gu Talasgar far an d’ fhuair iad fàilte is fuaran bho choirneal Macleòid, mac an Leòdach agus thachair iad ri mac a pheathar a bha na thighearna air Colla, ged a bha e fhathast òg. Dh’fhàs Boswell is Johnson measail air, air sgàth ’s gun robh e beòthail agus taiceil dhaibh cuideachd. Dh’fhàs airgead gann agus cha robh e furasta idir tuilleadh fhaighinn air sgath ’s nach robh  banca no fiù ’s bùth sam bith air an eilean. Mu dheireadh thall, lorg iad caiptean de long eilthireachd a bha deònach seic luach 30 not iomlaid. Chaidh iad air adhart agus thill iad do Coire-Chattachan  far an do dh’òl Boswell cus. Chaidh e innte aig còig uairean sa mhadainn. Aig naoi uairean bha ceann goirt is aithreachas air, is Johnson,  a bha daonnan stuama,  ga chàineadh is magadh gu cruaidh.

THILL iad gu Slèite. Dh’fhuirich iad aig taigh a’ mhinistear ann an Ostaig agus an uair sin aig Armadal a-rithist, a’ feitheamh ri sìde iomchaidh airson seòladh. Dh’fhàg iad an t-Eilean Sgitheanach air 3 an Dàmhair agus cha do thill iad tuilleadh. Rinn iad cuairt air cuid de na h-eileanan gu deas agus an uair sin, gu tìr-mòr agus Dùn Èideann. Lean Johnson air gu Lunnainn leis fhèin.

AN DÈIDH A H-UILE CÀIL…..

DH’FHOILLSICH Johnson “A Journey to the Western Islands of Scotland” ann an 1775. Nochd “Journal of a Tour to the Hebrides” le Boswell fada na b’ fhaide air adhart, ann an 1786. Dh’fhoillsich Penguin Classics an dà chuid anns an aon leabhar ann an 1984. ’S urrainn dhuinn coimhead air na h-aon tachartasan bho sheallaidhean eadar-dhealaichte. Bha is tha rosg Johnson na bu tharraingiche. Bha e a’ cur grèim air cnap na cùise sa bhad. Bha na beachdan aige làidir is connspaideach ach an-còmhnaidh inntinneach. Dh’fheumadh e a bhith aig fior-chridhe a h-uile còmhradh. Abair fèinear! Bha Boswell fiadhaich gu leòr aig amannan, ach an taca ri Johnson bha e samhach agus modhail. Tha e follaiseach gur e neach-lagha a bh’ ann, a’ dèanamh a’ chuis aige ceum às dèidh ceum… Bha e rianail is dìcheallach, a’ sgrìobhadh an Journal aige faisg air a h-uile latha. Thug e cunntas “beò” air còmhraidhean mar a thachair iad – stoidhle a bha neo-àbhaisteach san linn sin. Choisinn e cliù leis an stoidhle seo, nuair a dh’fhoillsich e an obair mhòr aige, “The Life of Johnson” ann an 1791. Bha e ainmeil, mu dheireadh thall…..

Statue of Johnson on the Strand, London