Còisir Lunnainn: Gàidheil sa Cheanna-bhaile

February 18, 2020
by Colin West

 

An t-seachdain sa, rinn Còisir Ghàidhlig Lunnainn cuirm ann an aon de thallachan-lìbhre Chathair Lunnainn. Tha Cailean West a’ beachdachadh oirre.

 

Is e buidheann urramach a th’ ann an Còisir Ghàidhlig Lunnainn. Tha fhreumhaichean a’ dol air ais gu 1891, mar sin, ´s e seo gu dearbha a’ chòisir Ghàidhlig as sine san t-saoghal. Gidheadh, chan eil e ach na òganach an taca ri comainn lìbhre Cathair Lunnainn. Fhuair a’ chòisir fiathachadh an t-seachdain sa gus seinn aig dìnnear nam Farriers, fear de na comainn lìbhre, agus thachair seo san talla leis a bheil fear eile, Talla nan Leathersellers, goirid do Bishopsgate anns an Square Mile. Tha comainn lìbhre a’ Cheanna-bhaile a’ freumhachadh ann an comainn-cheàrd nam meadhan-aoisean, mar sin, ´s ann glè urramach a tha iad gu dearbha: fhuair na Leathersellers am Bann-sgrìobhte Rìoghail an 1444.

 

     

Doras a-steach do Thalla nan Leathersellers, fo sgàil a’ Gherkin.

Bhiodh na comainn-cheàrd mheadhan-aoiseach a’ gabhail ann an riochd na b’ aithnicheadh dhuinn mar an dà chuid aonadh-ciùird agus riaghlaiche airson nan ceàrd anns an robh iad an-sàs. Bha cuid de bhuannachdan follaiseach an lùib siostam nan comann-ceàird. Bheireadh e oideachadh do phreantasan agus chumadh e suas inbhean mathais, agus le bhith a’ bacadh prìsean o bhith air an leagail ro ìosal, dhèanadh e beò-shlàint’ nam ball aige cinnteach. Gidheadh, bha docairean an eire nam buannachdan seo a bha co-ionann am meud agus gan clòthadh: lagachadh co-fharpais phrìsean gus luach bun-bhathair atachadh agus cnapan-starra ro nuadh-thionnsgnadh. Cha deach na comainn-cheàrd a chumail maireann an aghaidh a’ chalpachais ùir choimearsalta de dh’ion- agus às-mhalairt no mòr-dhèanamh bathair. Cha robh annta ach comainn luchd-ciùird. Ach is dòcha gu bheil aiseirigh gu bhith san amharc leis gu bheil suim car saoirsneil aig daoine an-diugh air a h-uile seòrsa làimh-chèirde. Is dòcha gum bu chòir do Thalla Ghrùdairean-ciùird no Comann Moladh nam Baristas a bhith ann?

Biodh sin mar a bhitheas, tha sgaradh a-nis ann eadar comainn lìbhre a’ Cheanna-bhaile agus am freumhan mar chomainn-cheàrd is luchd-malairt. Tha iad an-diugh ri obair charthannais, cuid dhiubh a’ stiùireadh sgoiltean ach a’ mhòr-chuid dhiubh ag obrachadh mar chlubaichean dìnnearach airson urrachan mòra an Square Mile. Mar thoradh, chaidh a’ chòisir fhiathachadh gus a bhith mar phàirt dhen fhèisteas an dèidh dìnnear nam Farriers. Is e an ceangal a th’againn riutha: Steven MacUilleim, Maighstir nam Farriers a bhuineas do Loch Abar. Dh’iarr esan air a’ chòisir cuid de dh’òrain ann an cainnt na dùthcha aige a ghabhail ann. Mar urram dha, ghabh a’ chòisir Gleann Bhaile Chaoil am measg an stòrais de dh’òrain aca airson na h-oidhche, a bharrachd air cuid de na h-òrain Ghàidhlig choisireach as fheàrr le daoine. Tha e coltach gun deach leinn mar nach b’ olc, ged as dòcha gun toireadh iad taing a bhiodh a ceart cho modhail do chuirm “seinn an sgòrnain” aig còmhlan Mongolach.

 

     

(Clì) Maighstir nam Farriers a’ fàilteachadh aoigh. (Deas) Èideadh nam Farriers le am fionnadh shnasaichte.

Is dòcha gur e Talla nan Leathersellers an t-ionad as saidhbhire san do rinn a’ Chòisir cuirm na fhad ’s as cuimhne le daoine san ùine bhig a dh’fhalbh. Bha fionnadh snasaichte air gùintean nam fear-lìbhre – shaoilinn gur e gaoisid eich a bh’ ann. Bha ballachan an Talla air am ‘pàipearadh’ le leathar agus tha an Talla fhèin na mheasgachadh de stuth aosta, leithid glainne dhathte, agus ailtireachd ùr-nodha, agus, cha robh caomhnadh air cosgais. Chaidh leabharlann eachdraidheil an Talla a ghleidheadh ann an, a-rèir dhuinne, caibineatan glainne fuaraichte. Tha an sgrìobhaiche seo am beachd gun do chuir e uime an t-èideadh gàidhealach aige anns na taighean-beaga as spaideile a chunnaic e riamh.

 

Buill na còisir a’ gabhail beachd air leabharlann an Talla

Co-dhiù no co-dheth, bhuail e nam inntinn nach math dhuinne, na Gàidheil, a bhith a’ fàs coltach ris na comainn lìbhre a-chaoidh. Chan eil aon cheannaiche-leathrach a tha dha-rìribh ann an Comann nan Leathersellers; agus chan eil each-lèigh sam bith ann an comann nam Farriers. Ge-tà, tha na comainn ’s còisirean Gàidhlig againn air a chaochladh, oir tha iad a’ giùlan dualchas agus cànan beò. Chan fhaod sinn leigeil le “Gàidhealach” a bhith mar leubail air bogsa a-chaoidh; no leigeil leis a’ Ghàidhlig teireachdainn bho na clabhstairean againn.

 

A’ chòisir a’ mealtainn an talla ghreadhnaich mun cuairt orra. Iomradh an deilbh – Sam Lane Photography (www.samlanephotography.co.uk).

 

Postscript: After the above article was posted, we received a tweet from the Master of the Farriers’ Company pointing out that whilst the connection some livery companies have with the trades they originally represent is purely historic, the Farriers’ Company is in fact the examining body for farriers and has many active farriers as members (and that the Leathersellers’ Company also supports its sector). We are happy to correct the record! The tweets are below.